Glasgow - Scotland with Style
Home » SeeGlasgow » Languages » Gaelic

Gaelic

Burrell Collection
Fàilte oirbh gu Mór-roinn Ghlaschu is Gleann Cluaidh, ceann-uidhe cho tlachdmhor is beòthail sa tha san Roinn Eòrpa.

Tha stòras mòr luachmhor de dh'annasan ann dhan chuairtear, an ailtearachd Bhictorianach as fheàrr sa UK, taighean-tasgaidh is gallaraidhean aig a bheil cliù air feadh an t-saoghail, a bheir togail don mhisneachd a thuilleadh air an fhaireachdainn shònraichte a tha aig baile Ghlaschu fhèin. Thigibh air aoigheachd do fhear de phrìomh-bhailtean cultarail na Roinn Eòrpa, far am faighear fèisean is cuirmean sònraichte fad na bliadhna a bharrachd air sàr bhùithnean, taighean-seinnse is taighean-bìdh air-leth – is iad uile faisg air pàirce is lios cho math sa tha san rioghachd. Tha an sgìre cuideachd air stairsnich seallaidhean cho brèagha sa tha an Alba.

Chan e sin a-mhàin ach gheibhear ann le itealan, rèile no rathad. Cha b'urrainn dha bhith na b'fhasa faighinn ann airson fòrladh goirid no mar phàirt de làithean-saora a' siubhal Alba air fad. Anns an làraich-lìn seo, gheibhear brig mòr fiosrachaidh air Mòr-roinn Ghlaschu is Gleann Cluaidh airson 's gum faighear a' chuid as fheàrr às a' chuairt agaibh dhan sgìre. Tha sinn a' coimhead air adhart ur fàilteachadh air turas air am bi cuimhne agaibh gu siorraidh. Agus bidh sibh airson tilleadh a-rithist….'s a-rithist….'s a-rithist.