Itealain,
trèanaichean is
càraichean – agus
bàtaichean-aiseig cuideachd! Ma tha sibh a' tighinn a Mhòr-roinn Ghlaschu is Gleann Cluaidh tha bargannan rim faotainn a thaobh cosgaisean-siubhail. 'S dòcha gum biodh sibh airson tighinn ann air iteig, no thar sàile no fiù's air an rathad-iarrainn.
Chan eil Port-Adhair Eadar-Nàiseanta Ghlaschu ach fichead mionaid ann an tacsaidh no bus bho meadhan a' bhaile, is chan eil Preastbhaig ach trì cairteal na h-uaireach air rathad no rèile.
Nuair a ruigeas sibh, tha e a cheart cho soirbh a bhith a' siubhal mu Ghlaschu! Tha seirbhis
còmhdhail poblach farsaing a' ciallachadh gum faighear a bhith a' siubhal a' bhaile agus na sgìre gun strì.