Glasgow - Scotland with Style
Home » SeeGlasgow » Languages » Gaelic » Còmhdhail agus Siubhal » Bàtaichean-aiseig

Bàtaichean-aiseig

Dhan neach-siubhail à tìrean-cèine a tha aison làn-thlachd fhaighinn as a' chuairt dhan cheann-uidhe, tha am bàt'-aiseig na dhòigh-còmhdhail air leth – faodar an gnothach a ghabhail air ur socair agus an càr a thoirt leibh, ged nach eil uallach an draibhidh oirbh.

Gheibhear a dh'ionnsaigh Mòr-roinn Ghlaschu is Gleann Cluaidh bho chaochladh phuirt thar a' Chuain Èireannaich, An Cuan a Tuath, no an Caolas Sasannach. Nuair a thig iad air tìr am Breatann gheibh luchd-turais ceanglaichean rèile is rathaid goireasach dhan sgìre.

Taobh a-staigh sgìre Mòr-roinn Ghlaschu is Gleann Cluaidh tha Caledonain Mac a' Bhruthain a' ruith cabhlach de 28 bàt'-aiseig a bheir daoine gu na h-eileanan far cladach àlainn a tha air a shluaisreadh le tuinn a' Chuain Shiar, agus bidh Western Clyde Ferries Eta. a' seòladh aig Beul Abhainn Chluaidh eadar Dùn Omhainn agus Goraig.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh mu chompanaidhean-aiseag fa-leth, tadhalaibh air na ceanglaichean gu h-ìseal agus cuiribh fios thugainn mas urrainn dhuinn ur cuideachdadh leis na planaichean siubhail agaibh. Tha P&O Ferries, Stena Line agus Seacat Scotland a' seòladh gach latha thar a' Chuain Èireannaich bho Beul Feirste dhan t-Sròn Reamhar – 90 mionaid gu deas air Glaschu.

Bidh Scandinavian Seaways a' seòladh eadar Kristiansand, an Nirbhidh, dhan Chaisteal Nuadh agus dhan Chaisteal Nuadh a dh'Amsterdam. Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh mun t-seirbhis seo air an làraich-lìn aca.

Tha cabhlach de 28 soitheach aig Caledonian Mac a' Bhruthai n a bhios a' tadhal air 23 de dh'eileanan àlainn taobh-siar na h-Alba. A bharrachd air seo tha seirbhis aca thar Linne Chluaidh. Airson barrachd fiosrachaidh, tiocaidean a cheannach air-loidhne, mapaichean agus clàran-ama tadhal air an làraich-lìn aca.

'S ann à Latharna, faisg air Beul Feirste, an Èirinn a Tuath, a bhios P&O Irish Sea a' seòladh a' dèanamh air Càrn Rìoghain a tha mu 45 mionaid gu deas air Glaschu. A thuilleadh air seo tha bàtaichean-aiseig leotha a' seòladh à Dover is Portsmouth, an Sasainn, dhan Fhraing is dhan Spàinn. Tadhalaibh air an làraich-lìn aca airson barrachd fiosrachaidh mu shlighean, tiocaidean a cheannach air-loidhne agus clàran-ama.

Tha Stena Line, tè dhe na companaidhean-aiseag as motha san t-saoghal a' seòladh à Beul Feirste, an Èirinn a Tuath, dhan t-Sròn Reamhar, an Alba. Bidh iad cuideachd a' fàgail à Harwich, Essex (air taobh-sear Shasainn) agus Hoek van Holland, san Òlaind. Gheibhear barrachd fiosrachaidh, tiocaidean òrdachadh air-loidhne, deasaichear-slighe agus fiosrachadh mu chlàran-ama air an làraich-lìn aca.

'S ann eadar Beul Feirste, an Sròn Reamhar agus Troon (mu 30 mìle gu deas air Glaschu) a bhios seirbhisean Seacat Scotland a' ruith. Airson faighinn a-mach mu thiocaidean agus clàran-ama tadhalaibh air an làraich-lìn aca no fònaibh 0990 523 523 (sa UK) no +44 (0)1805 523 523

Tha Superfast Ferries a' seòladh a h-uile latha eadar Ros-Suidhe, an Alba, agus Zeebrugge, sa Bheilg. Theirig gu www.superfast.com no cuir fòn gu 0870 234 0870 airson barrachd fiosrachaidh, clàran-ama agus fiosrachadh mu thiocaidean.

Taobh a-staigh na sgìre tha Western Ferries Clyde Eta. a' seòladh thar Beul Abhainn Chluaidh bho Dhùn Omhainn a Ghoraig. Fònaibh 01369 704 452 airson tuilleadh fiosrachaidh mun t-seirbhis seo.

Ma tha sibh ag iarraidh fiosrachaidh mu sheirbhisean thar a' Chaolais Shasannaich, tiocaidean a cheannach air-loidhne agus fiosrachadh-siubhail tadhalaibh air:

ferrysavers.co.uk
channelshop.co.uk
hoverspeed.co.uk