Tha Mòr-roinn Ghlaschu is Gleann Cluaidh ann am meadhon sàr shiostam rathaid a tha a' ceangal gach pàirt de Bhreatann agus thar a' Chaolais Shasannaich ri tìr mòr na Roinn Eòrpa. Tha am prìomh rathad gu tuath is deas, an M74, a' ceadachadh dhan neach-siubhail faighinn do sgìre sam bith gu luath, sgiobalta.
A' tighinn bhon deas leanaibh an M74 seachad air Balla Hadrian tro chridhe na sgìre is air adhart gu meadhon baile Ghlaschu. Tha Slighe an Luchd-Turais tro Ghleann Cluaidh (taobh an A73, A72 agus A702) a' toirt cothrom do dhraibhearan seallaidhean brèagha dùthchail Siorramachd Lannraig a Deas fhaicinn air an socair.
A' tighinn bhon tuath tha an M9 ga ur toirt tro Shiorramachd Lannraig a Tuath a Ghlaschu agus bhon ear tha an M8 à Dùn Eideann a' dol tro mheadhon Ghlaschu is a-mach gu bailtean mòra is beaga taitneach Inbhir Chluaidh.
Tha mòran rathaidean beaga, sàmhach air an dùthaich air feadh na sgìre a bheir cothrom dhuibh tlachd a ghabhail às na seallaidhean àlainn agus an eachdraidh inntinneach air ur socair.
Airson an tuilleadh fiosrachaidh mu dhraibheadh sa UK, mapaichean, deasaichearan-slighe, agus àrachas-siubhail tadhalaibh air Comann nan Carbad
(AA) no Club Rìoghail nan Carbad
(RAC) agus airson fiosrachadh mionaideach mu thrafaig agus obair-càraidh rathaidean tadhalaibh air làraich-lìn
NADICS – Fiosrachadh Nàiseanta do Dhraibhearan.
Siubhal air Coidse An seo bheirear dhuibh fiosrachadh feumail agus ceanglaichean gu companaidhean-coidse a bhios a' ruith seirbhis dhan sgìre, biodh sibh a' tighinn à tìr mòr na Roinn Eòrpa no bho ceàrnaidh sam bith de Bhreatann.
Tha seirbhis aig
Scottish CityLink do phrìomh bhailtean agus coimhearsnachdan dùthchail air feadh Alba agus ann am pàirt ri Eurolines agus National Express thathar a' ceangal na sgìre ri còrr is 1200 àite am Breatann agus 25 dùthaich san Roinn Eòrpa. Fònaibh (UK a-mhàin) 08705 50 50 50.
Tha
National Express a' tairgse seirbhis bus is coidse fad astair mhòir air feadh Bhreatainn agus ann am pàirt ri Scottish Citylink agus Eurolines a' ceangal na sgìre ri 25 dùthaich Eòrpach agus 1200 àite an Sasainn, Alba agus a' Chuimrigh.
Tha
Eurolines a' ruith seirbhis coidse fad astair mhòir bho 25 dùthaich Eòrpach agus ann an co-bhann ri National Express agus Scottish Citylink a' ceangal na sgìre ris an Roinn Eòrpa agus 1200 àite am Breatann. Theirigibh chun na làraich-lìn aca airson fiosrachaidh mu shlighean, tiocaidean òrdachadh air-loidhne, clàran-ama, agus faraidhean.