'S e Port-Adhair Eadar-Nàiseanta Ghlaschu am fear as trainge an Alba a' frithealadh do chòrr is sia millean neach sa bhliadhna. Tha cuairtean-adhair a' dol dìreach gu New York, Chicago agus Toronto agus 45 cuairt-adhair san latha gu Heathrow agus Port-Adhair Gatwick, far am faighear cuairtean-adhair dìreach gu 200 baile air feadh an t-saoghail. Tha am port-adhair dìreach ochd mìle (13 cileameatar) bho Meadhon Baile Ghlaschu agus tha e fhèin agus port-adhair Dhùn Èideann (goirid air uair a thìde bhuaithe) na cheann-uidhe airson itealain à 19 baile Eòrpach, nam measg prìomh-bhailtean mar Amsterdam, A' Bhruiseal, Copenhagen, Frankfurt agus Paris.
Tha Port-Adhair Eadar-Nàiseanta Phreastabhaig deich mile fichead (48 cileameatar) gu deas air Glaschu a' tabhann slighe eile do luchd-turais a' siubhal à Stansted, Bail' Ath Cliath, Beul Feirste, Dùn nan Gall agus Paris Beauvais.
Am measg nam buidheann-adhar a tha a' tighinn dhan sgìre tha
Aer Lingus Air Canada Air France Air Malta Air Scotland American Airlines BMIBaby British Airways Emirates flybe British Midland Continental Airlines Easyjet Globespan KLM Icelandair Manx Airlines RyanAir Scot Airways US Airways *Cuimhnichibh gur ann a-steach a Phort-Adhair Phreastabhaig a bhios Ryanair a' tighinn (deich mile fichead à Glaschu)