Tha barrachd is barrachd dhaoine a' siubhal air an rèile a-nis oir tha e tlachdmhor is sìtheil dhaibhsan a tha air làithean-saora agus a tha airson a h-uile criomag dhen dùthaich fhaicinn. Tha Stèisean-Rèile Glasgow Central na prìomh ionad san lìonra rèile nàiseanta is gheibhear siubhal às gu mòran de na h-àiteachan às bòidhche agus na h-annasan a tha ri fhaicinn ann am Mòr-roinn Ghlaschu is Gleann Cluaidh. Seo an stèisean as motha an Alba, is tha e aig cridhe coimhearsnachd ionmhais, gnìomhachais agus malairt a' Bhaile. Gach latha bidh còrr is 90,000 neach a' dol tron stèisean. Tha ceanglaichean dìreach againn ri Lunnainn agus Penzance mu dheas, Àrdrosain is Inbhir Àir chun an iar, is ceanglaichean aiseig gu Èirinn is Eileanan Taobh-Siar na h-Alba.
Thogadh Central Station ann an 1879, is tha e a-nis na thogalach clàraichte Ìre A, is e suidhichte ann an sgìre a tha air a ghlèidheadh air sàilleabh an eachdraidh. Chaidh a thogail air sreath àirsichean ann am fear de na sgìrean as trainge le coisichean agus a thaobh malairt an Glaschu, tha e na bhuannachd dhan stèisean gu bheil na h-uiread de bhùithnean is àiteachan-bìdh ann, is gheibhear a dh'ionnsaigh annasan Ghlaschu gun strì às. Tha seirbhis bhusaichean a' ruith bho Shràid a' Ghòrdanaich air beulaibh an stèisein, gu Stèisean Sràid na Bàn-rìgh is gu Stèisean Bus Sraid a' Chananaich.
'S e prìomh-stèisean eile a tha ann an Stèisean Sràid na Bàn-rìgh a tha am meadhon a' bhaile. A bharrachd air ceanglaichean da-rìribh gu sgìrean Mòr-roinn Ghlaschu; tha e a' frithealadh feumalachdan luchd-gnothaich is luchd-siubhail, le Luath-Sheirbhis a Dhùn Eideann a bheir 50 mionaid is a tha a' fàgail gach cairteal na h-uaireach, agus 's ann an seo a tha rathad- iarrainn ainmeil Taobh-Siar na Gaidhealtachd a' tòiseachadh. Rinneadh mòran obair- leasachaidh air Stèisean Sràid na Bàn-rìgh. Chaidh £15m a chosg air a' mhullach is thathar a' cumail a' dol am blaidhna leis an obair air an àrd-chabhsair. Thathar a' cur còmhdach de chloich-aoil air agus stuth sònraichte mu na h-oirean.
Airson fiosrachaidh mu siubhal-rèile taobh a-staigh an UK fònaibh Loidhne nan Ceist Rèile Nàiseanta a tha fosgailte 24 uairean air 08457 48 49 50.
Airson an tuilleadh fiosrachaidh mu chompanaidhean-rèile fa-leth no airson tiocaidean òrdachadh air-loidhne, tadhalaibh air gin de na làraichean-lìn a leanas:
Bidh Great North Eastern Railway (GNER) agus
Virgin a’ ruith seirbhis dhìreach gu Glasgow Central à stèiseanan King’s Cross agus Euston an Lunnainn. Gheibhear tiocaidean òrdachadh air-loidhne, clàran-ama, fiosrachadh mu shlighean-rèile, fiosrachadh siubhail agus fiosrachadh feumail mun cheann-uidhe agaibh air làraich-lìn GNER. Is mar an ceudna gheibhear ticeadan òrdachadh air-loidhne, mapaichean, fiosrachadh siubhail agus fiosrachadh feumail mun cheann-uidhe air làrach-lìn Virgin. A thuilleadh air seo innsear mu na seirbhisean a th’air an trèana fhèin, bheirear cuideachadh do luchd-siubhail agus seirbhisean do luchd-gnothaich.
Railtrack: air an làraich faodar an clàr-ama a sgrùdadh agus tha goireas feumail ann airson ur cuairt a dheasachadh roi-làimh, a bharrachd air fiosrachadh mu prìomh stèiseanan-rèile an UK, leithid planaichean, an sgìre sa bheil iad agus mapaichean sràide.
ScotRail: An seo gheibhear fiosrachadh mu Rathad-Iarrainn Taobh-Siar na Gaidhealtachd, Rathad-Iarrainn Taobh-Tuath na Gaidhealtachd agus Caledonian Sleepers (trèanaichean a bhios a’ siubhal tron oidhche à Alba a Lunnainn). Tha cuideachd fiosrachadh ri fhaotainn mu chlàran-ama, bargannan sònraichte air tiocaidean agus ceanglaichean siubhail feumail eile.
The Trainline: Làrach shìmplidh far am faighear tiocaidean òrdachadh air-loidhne gun strì sam bith. Cleachd an làrach seo airson uairean-siubhail a dhearbhadh, tiocaidean òrdachadh agus cathraichean a ghlèidheadh le companaidh-rèile sam bith air tìr-mòr Bhreatainn.
BritRail: Gheibhear fiosrachadh an seo mu cheadan-siubhail sònraichte mar am Freedom of Scotland Travel Pass. Chan fhaigh seo ach luchd-siubhail à dùthchannan-cèine. Tha clàran-ama air an làraich agus innsear dhuibh mun dòigh ‘s am faighear ‘s an cleachdar Ceadan BritRail. Chan fhaighear Ceadan BritRail san dùthaich seo, feumar an ceannach taobh a-muigh an UK.